ghla

Cù Glas Mheòbail

'An deaghaidh Prionns' Teàrlach, bha iad dol a mharbhadh a h-uile duine a bh'as an arm eile - 'san arm a bha aig Prionns' Teàrlach. Agus theich iad seo; thànaig fear astaigh ‘s thuirt e riu’.

"Nam bithinn’s ‘nad àitesa a nochd, dheanainn mo leaba ‘sa fhraoch a  nochd,” thuirt e ris a’ Chù Ghlas.

Agus studaig iad gu robh rudeigin ceàrr agus dh’fhalbh iad.

Fhuair [na saighdearan] iad ann an uamha shuas ‘sa choillidh, agus chaidh aonfhear astaigh air a ghlùineann far a robh iad agus stob e an claidheamh ‘sa chù. ‘S thànaig e amach ‘s fuil a’ choin aige air a’ chlaidheamh is choimhead e dhan chommandair e ‘s,

"O, tha e cinnteach gu leòr gun do mharbh thu iad leis a’sin."

Sin na chuala mise riamh mu dheidhinn.’

-Dougall MacDonald, Creignish, Inverness County, Nova Scotia.

cuaileanoirissuileantlath, ‘s e seo an sgeul mun an do bhruidhinn mi.